
Episode 56
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Air an 24mh dhen t-Sultain 1917 chaidh 15 a mharbhadh agus 70 neach eile a dhroch ghortachadh ann an ionnsaighean a rinn pleà naichean agus Zeppelins Gearmailteach air Lunnainn. Thà inig na pleà naichean a-steach taobh Khent agus Essex, ach cha d'fhuair ach aon no dhà tro na loidhichean dìon. Dh'fheuch soithichean-adhar ri thighinn tarsainn Siorrachd Iorc agus cladach Siorrachd Lincoln eadar meadhan oidhche agus trì uairean sa mhadainn, ach chaidh an tilleadh mus d'fhuair iad nas fhaide a-staigh air an dùthaich.
An ath là thà inig am batal airson Rathad Menin, pà irt dhen Treas Blà r aig Ypres, gu ceann gu soirbheachail le ionnsaigh Ghearmailteach eile air a tilleadh. Cha b' ann gun phrìs a chaidh a' bhuaidh a ghleidheadh ge-tà le Eilean Liosmor a' call a' chiad shaighdear acasan sa chogadh, Dòmhnall Bochanan, aois seachd thar fhichead.
Agus mar a bha tric fìor sa Chogadh Mhòr, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse, 's gann gun robh aon bhlà r air tighinn gu ceann an uair a bha fear eile a' tòiseachadh, leis na ciad bhuilean gan leagail ann am Batal Coille Polygon, ceithir mìle an ear air Ypres air an 26mh den mhìos.
Nochd airteagal beag inntinneach ann am pà ipear an Òbain Disathairne 29mh den t-Sultain 1917 ag innse mu na bhathas a' cruinneachadh de dh'uighean airson an cur air adhart chu na saighdearan a bh' air an leò, agus , san aon iris dhen phà ipear-naidheachd, bha rabhadh bho Choimiseanair Bìdh Taobh Siar na h-Alba, Gideon Murray, a bha draghail gum faodadh lùghadachadh ann am prìs an à rain soithichean Breatannach a chur ann an tuilleadh cunnart bho bhà taichean-aigeil na Gearmailt. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig mar a chaidh dèiligeadh ris.
B' e Batal Broodseinde. am batal a bu shoirbheachaile san Treas Blà r aig Ypres, agus le taic bho Arm Astrà lia 's New Zealand chaidh aig na Breatannaich air smachd a ghabhail air Druim Broodseinde air a' chiad latha. Ach a-rithist cha b'ann gun chall a bha e le faisg air 6,500 Astrà lianaich, mu 900 bho New Zealand agus 300 Breatannach air an leòn no air a marbhadh. Bha na h-à ireamhan aig na Gearmailtich cho à rd ri 10,000 agus chaill iad 5,000 prìosanach cuideachd. Chan eil e na iongnadh mar sin gun deach an 4mh den Dà mhair 1917 a chlà radh mar 'Latha Dubh' ann an eachdraidh cogaidh oifigeil na Gearmailt.
Chaidh an soitheach SS Main a chur fodha air 9mh den Dà mhair 1917 le dusan dena bh' air bòrd a' call am beatha. Bha i mìle gu leth a-mach bhon Druim Mhòr ann an Siorrachd Wigton an uair a chaidh a bualadh le torpedo bhon bhà t-aigeil Gearmailteach U-75. Am measg an fheadhainn a chailleadh an latha sin bha Iain MacÌomhair, Iain a' Phunch à Borgh a Leòdhas. Seachdain roimhe sin bha a bhean Gormal air litir fhaighinn bhuaithe ag innse gun robh e an dòchas gur e fhèin an ath litir a gheibheadh i s' dùil aige thighinn dhachaigh air fòrladh as dèidh an turas a dh'Èirinn. Ghluais am bristeadh cridhe i gu bà rdachd a sgrìobhadh mar chuimhne air Iain 's gun iad ach rà ithe pòsta. Cluinnidh sinn rannan dhen òran aice air a sheinn le Seonag Mhoireasdan.
Air an 12mh den Dà mhair 1917 chuireadh a' Chiad Bhatal aig Passchendale. Dh'fhailnich air na Co-chòmhragaich am baile a ghabhail agus chaidh na mìltean a mharbhadh, mòran à New Zealand le barrachd air am marbhadh no air an leòn sna beagan uairean sin seach latha sam bith eile ann an eachdraidh na dùthcha. Bha Gà idheil am measg a' chall cuideachd, mar a chluinneas sinn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 16 Oct 2017 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 16 Oct 2017 23:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Oct 2017 13:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal