Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.

Air an 13mh den Dàmhair 1917, bha na Gearmailtich a' cur air adhart Operation Albion - plana airson eileanan aig beul Camus Riga far cladach Estonia an Iar, aig an àm na phàirt de Phoblachd na Ruis, a ghabhail thairis. Lean sabaid mhòr agus muir 's air tìr agus mu dheireadh fhuair na Gearmailtich sealbh air Eilean Moon.

Aig briseadh an latha air an 15mh den Dàmhair chaidh an dannsair Gertrud Margarete Zelle, ainmeil mar Mata Hari, a chur gu bàs aig Vincennes air iomall Pharis, an dèidh dhith a bhith air a faighinn ciontach mar neach-brathaidh. Bha i ainmeil chionns gum biodh i a' dannsa air an àrd-ùrlair cha mhòr gun stiall aodaich oirre. Bha i dà fhichead 's a h-aon nuair a chaidh a cuir gu bàs 's chun an latha an-diugh chan eil e idir soilleir ciamar no cò dhà a bha i na neach-brathaidh. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mun cheangal a bh' aice ri Alba.

Cluinnidh sinn bho Mhurchadh MacIllFhinnein à Beinn na Faoghla agus e ag innse mar a chaidh losgadh air le cuimisear air an 25mh den Dàmhair 1917 's e an impis Mills Grenade a thilgeil do thrainnse nan Gearmailteach.
A thuilleadh air a sin cluinnidh sinn mu thuras tiamhaidh a rinn athair Thormoid MhicAonghais à Tung a Leòdhas a shealltain air san ospadal an Glaschu agus e air a leòn.

Air an 30mh den Dàmhair bha an SS Cambric air a slighe eadar Tunis agus Breatainn le cargu gual. Mu mheadhan-oidhche chaidh a cur fodha le torpedo bho U-35. Bha Coinneach MacPhàil à Àrnol ann a Leòdhas na ghunnair air a' Chambric agus san oidhche dhubh-dhorch chaidh aige fhèin agus dòrlach dhaoine eile air leum dhan mhuir agus snàmh air falbh. Chaidh duine an dèidh duine dhiubh a bhàthadh ach chaidh aig MacPhàil air cumail a' dol. Cluinnidh sinn mar a chaidh dha.

Air an aon là bha an t-sabaid dha-rìribh cruaidh aig Passchendaele. Ghlac na Canèidianaich na bh' air fhàgail de thalamh àrd agus ràinig iad iomall a' bhaile. Thòisich na Breatannaich ionnsaigh às ùr.

30 minutes

Last on

Sun 12 Nov 2017 13:00

Broadcasts

  • Mon 6 Nov 2017 12:00
  • Mon 6 Nov 2017 22:00
  • Sun 12 Nov 2017 13:00