Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Tormod MacÃŒomhair, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair bho Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service conducted by Rev Norman MacIver, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is an leughadh a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn Martyrdom bhon CD Sailm à Uibhist a Tuath agus 's e Lachlainn MacDhùghaill a tha os cionn na seinn.
Salm 68: 18-19 agus 's e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 132: 3-4 air fonn Bangor agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.

Leughadh : Ieremiah 8: 14-19 & 9: 1-2
Ceann-teagaisg: Ieremiah 8: 20

'S ann do sgìre Shiadair san Rubha a bhuineas Mgr MacÌomhair. Ghluais e a Ghlaschu nuair a bha e ochd bliadhna deug agus bha e ag obair ann an oifis airson còig bliadhna. Nuair a bha e mu bhliadhna ann an Glaschu thàinig atharrachadh na bheatha agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail.
Nuair a chaidh a ghairm chun na ministrealachd, bha aige ri dhol dhan cholaiste airson bliadhna airson deuchainn fhaighinn ann am foghlam aig àrd-ìre. Às dèidh sin bha cùrsa diadhachd de chòig bliadhna aige ri dhèanamh ann an Colaiste na Trianaid.
Phòs e fhèin 's a bhean, Catherine, ann an 1974 nuair a bha e deiseil dhan trèanadh aige. Rinn Mgr MacÌomhair dà bhliadhna na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Linlithgow mus deach a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath.
Bha Mgr MacÌomhair na mhinistear san sgìre sin son còrr air deich bliadhna mus deach a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart ann an 1988, far an robh e chun an t-Samhain 2011. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth agus a' fuireach ann an Inbhir Nis.

30 minutes

An t-Urr Tormod MacÃŒomhair

An t-Urr Tormod MacÃŒomhair

Broadcasts

  • Sun 26 Nov 2017 09:00
  • Sun 26 Nov 2017 21:00