
An t-Urr. Coinneach Dòmhnallach, an Eaglais Shaor Leantainneach
Seirbheis còmhla ris an Urr. Coinneach Dòmhnallach, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service conducted by Rev Kenneth MacDonald, Free Church Continuing.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh .
Salm 23: 3-4 air fonn Bedford agus 's e Dòmhnall Crichton a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.
Salm 23: 5-6 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Mà rtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
Leughadh: Eòin 10
Rugadh agus thogadh Mgr Dòmhnallach ann an sgìre Phabail Uarach anns an Rubha ann an Leòdhas. Às dèidh an sgoil fhà gail anns an Rubha agus Sgoil Mhicneacail a fhrithealadh chaidh e a dh'ionnsachadh obair saorsainneachd airson ceithir bliadhna ann an Steòrnabhagh.
Às dèidh pòsadh, chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Inbhir Nis airson greiseag agus an uair sin thill iad air ais a Steòrnabhagh far an robh iad a' ruith bùth ùine ghoirid. Tha dithis bhalach aca agus dusan ogha, agus tha fear de na balaich na mhinistear ann an sgìre Nis ann an Leòdhas.
Thà inig atharrachadh ann am beatha Mhaighstir Dhòmhnallaich ann an 1987 agus chaidh e a dh'obair chun na buidhne Tear Fund ann am Bangladesh airson dà bhliadhna. Às a sin ghluais e gu miseanaraidh ann an Afraga a Deas far an robh e cuideachadh le bhith a' leasachadh 's a' cà radh eaglaisean, a' togail eaglaisean ùra agus a' searmonachadh bho à m gu à m cuideachd.
Ann an 1993, thill Maighstir Dòmhnallach air ais dhan dùthaich agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Dùn Èideann. Fhuair e fios bho choitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Snìosoirt san Eilean Sgiathanach ann an 1997 agus bha e a' frithealadh a' choitheanail sin gu 2008. Anns an Dùbhlachd 2008 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Leantainneaach Sgalpaigh.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is caomh leis a bhith ag iasgach, a' leughadh, a' dèanamh beagan DIY agus a' cur seachad ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

Broadcasts
- Sun 3 Dec 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Dec 2017 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal