
Coinneach madainn Diciadain
Sùil air an t-suidheachadh ann am Bali far a bheil a' bheinn-teine Mount Agung an impis spreadhadh. The latest from Bali as the volcano Mount Agung threatens to erupt.
A' leantainn air adhart bho phrògram an dè mu dheidhinn call a' bhà ta-seòlaidh an 'Annie Jane' air Trà igh Iar ann a Bhatarsaigh, cluinnidh sinn beagan a bharrachd mu eachdraidh an eilean aig an à m sin agus na planaichean a th'aig a' choimhearsnachd airson an carragh-cuimhne agus an là rach far a bheil na cuirp air an tiodhlacadh a leasachadh.
Tha Teà rlach MacIain ag aithris à Bali far a bheil a' bheinn-teine Mount Agung an impis spreadhadh. Tha an suidheachadh a' toirt fìor dhroch bhuaidh an dà chuid air muinntir na sgìre agus air luchd-turais.
Tha Leas-Phrìomh-mhinistear na h-Èirinn, Frances Fitzgerald, air a dreuchd a leigeil dhith as dèidh sgainneal a th'air riaghaltas na dùthcha fhà gail ann an staing. Ach cò i, carson a tha i fon phrosbaig agus dè a' bhuaidh a bheir seo air a' phartaidh aice, Fine Gael, aig à m cudromach ann am poilitigs na h-Èirinn air fad?
Agus mu dheireadh tha sinn a' dol gu Tasglann na Gà idhealtachd còmhla Dòmhnall Iain Macleòid agus esan air bhith a' rannsachadh agus a' taghadh cuid de na pà ipearan. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 29 Nov 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Nov 2017 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal