Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diardaoin

Cò ris a tha Iapan coltach airson làithean saora? How do visitors find Japan as a holiday destination? bbc.co.uk/coinneach.

An-diugh tha Coinneach a' toirt sùil air Iapan. 'S iomadh rud a chluinneas sinn mu a deidhinn anns an latha an-diugh. Ach cò ris a tha i ga-rìribh coltach - dhaibhsan a tha a' fuireach ann agus dhaibhsan a thèid ann air làithean saora? Còmhla ri Coinneach sa stiùidio tha Alasdair MacLeòid agus Seonag Nic Fhionnghain, a tha air ùr thilleadh bho thuras gu Iapan a mhair trì seachdainean. Ciamar a chòrd e riutha agus cò ris a bha cruth na tìre, na daoine, agus am biadh coltach?

Tha Steaphain MacRisnidh a' fuireach ann an Iapan, agus tha esan a' toirt dhuinn beagan fiosrachaidh mar a tha muinntir na dùthcha a' faireachadh mu chunnartan eadar-nàiseanta co-cheangailte ri Korea a' Tuath.

Agus gheibh sinn iomradh cuideachd air a' bhana sheinneadair ceòl dùthchail Rhiannon Giddens, a tha a-nise a' seinn anns a' Ghàidhlig cuideachd. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 30 Nov 2017 21:13

Broadcasts

  • Thu 30 Nov 2017 09:00
  • Thu 30 Nov 2017 21:13