
Coinneach madainn Dimà irt
Sùil air An Hague agus na cùirtean lagha a tha stèidhichte anns a' bhaile seo san Òlaind. A look at the Dutch town of The Hague and the international law courts based there.
Tha An Hague air a bhith gu mòr anns na naidheachdan bho chionn ghoirid le cùirtean lagha a' toirt seachad binn-prìosain do cheannaircean airm a bha an sàs ann an sgrios-cinnidh ann an Cogadh Bhosnia. Mìnichidh am fear lagha eadar-nà iseanta Rob Dunbar dè a th' ann an Cùirt Eadar-nà iseanta a' Cheartais, cuin a chaidh a stèidheachadh agus carson, an ughdarras a tha aig a' chùirt agus carson a tha e stèidhichte anns An Hague?
Tha an deuchainn-draibhibh air atharrachadh an t-seachdain sa agus bho seo a-mach cha bhi agaibh ri stiùireadh air ais mu chuairt oisinn mar phà irt dhen deuchainn ach bithidh agaibh ri òrdughan SatNav a leantainn gu dòigheil. Gheibh sinn beachd air an deuchainn ùr bho John Park, a bhios a teagasg luchd-ionnsachaidh draibheadh agus Lachie Macleòid a bha na dhraibhear Polis aig à rd ìre.
Tha Calina NicDhòmhnaill ag innse mu Halloumi, an cà ise ainmeil à Cìopras, a thathas an dòchas a dhìon le inbhe sònraichte bhon Aonadh Eòrpach. De th' ann am cà ise Halloumi, dè an eachdraidh a th' aige agus dè na dòighean eadar-dhealaichte airson a chleachdadh ann an còcaireachd?
Cluinnidh sinn bho Robbie Anndra Macleòid a chuir roimhe an dùbhlan, agus a rinn a chuis, nobhail Gà idhlig a' sgrìobhadh taobh a-staigh mìos.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 5 Dec 2017 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 5 Dec 2017 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal