Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diciadain

A' comharrachadh gu bheil ceud bliadhna ann bho bha spreadhadh mòr aig cala Halifacs ann an Alba Nuadh. The 100th anniversary of the Halifax Harbour Explosion in Nova Scotia.

An-diugh tha sinn a' comharrachadh gu bheil ceud bliadhna ann bho bha spreadhadh mòr aig cala Halifacs ann an Alba Nuadh. Tubaist uabhasach far an do chaill faisg air dà mhìle neach am beatha agus far an deach sia mìle duine a leòn. B' e seo an spreadhadh as motha a bha a riamh air an t-saoghal gus an do spreadh am boma ann a Hiroshima. Cluinnidh sinn bho Jo Murphy agus Emily MhacEòghainn ann a Halifacs mun a' sgrios a chaidh a dhèanamh air beatha agus pàirt mhòr den bhaile fhèin. Innsidh Calum MacNèill mun cheangal a bh' aig an teaghlach aige fhèin agus teaghlaichean eile à Barraigh ris an tubaist.

Bheir Anna NicLeòid dhuinn sgeulachd beatha an Righ Mìcheal à Romania a chaochail an dè.

Cluinnidh sinn mar a tha rannsachadh luchd saidheans ann an Alba a' cuideachadh tuathanaich chaorach ann a Cìopras cumail suas ris an iarratas airson caise Halloumi. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 6 Dec 2017 21:00

Broadcasts

  • Wed 6 Dec 2017 09:00
  • Wed 6 Dec 2017 21:00