Main content
This programme is not currently available

Seirbheis Nollaige à Caisteal Amhuinnsuidhe

Laoidhean is leughaidhean Nollaige à Caisteal Amhuinnsuidhe sna Hearadh. Christmas readings and carols from Amhuinnsuidhe Castle in Harris.

Thug coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart cuireadh dhuinn a dhol nan cuideachd airson Seirbheis Nollaige à Caisteal Amhuinnsuidhe ann an Ceann a Tuath na Hearadh. Air feasgar brèagha geamhrachail anns an Dùbhlachd chan iarradh tu a bhith ann an àite neo ann an suidheachadh na b’ fheàrr, a’ clàradh laoidhean is leughaidhean Nollaige am broinn a’ Chaisteil.

Os cionn na seirbheis bha an t-Urramach Dòmhnall Iain Moireasdan agus bha laoidhean is leughaidhean Nollaige rin cluinntinn bhon a choitheanal. A’ gabhail pàirt anns an t-seirbheis cuideachd bha na guthan binn aig Còisir Sgoil Sir E Scott air an Tairbeart agus an guth àlainn aig Eilidh Ceit NicIain agus i a’ seinn an laoidh 'Seall Thall Tighinn bhon Ear”.

Cluinnidh sibh na laoidhean, sailm is leughaidhean a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn St David agus Salm 72: 10-11, 17 & 19 air fonn Bays of Harris agus ‘s e Donaidh Màrtainn a tha os cionn na seinn.
Tha an coitheanal a’ seinn na laoidhean Nollaige a leanas: 'Ann am Baile Rìoghail Dhaibhidh', 'Leanabh an Àigh', 'Fada Cian ann an Stàball' agus 'Bha Buachaillean an Dùthaich Shear'.
Tha Còisir Sgoil Sir E Scott a’ seinn 'A Rìgh nan Ainglean' agus 'Anns an Dùbhlachd Gheamhraidh' agus tha Eilidh Ceit NicIain a’ seinn 'Seall Thall Tighinn bhon Ear'.

Tha na leughaidhean a leanas rin cluinntinn:
Isaiah : 2,6 & 7 agus a’ leughadh tha Karen NicIllFhinnein
Lùcasc 2: 1 & 3-7 agus a’ leughadh tha Catriona B Mhoireasdan
Lùcas 2: 8-16 agus a’ leughadh tha Aileen NicSuain
Mata 2: 1-11 agus a’ leughadh tha Calum MacAoidh

30 minutes

Last on

Christmas Eve 2023 21:00

Broadcasts

  • Christmas Eve 2017 15:00
  • Christmas Eve 2017 21:00
  • Sun 13 Dec 2020 21:00
  • Christmas Eve 2023 21:00