Main content
This programme is not currently available

Tormod - An Oiteag Uibhisteach

A' cuimhneachadh Thormoid; tha sean is òg len cuimhneachain fhèin air Tormod MacGill-Eain. Remembering Norman; young and old with their own memories of Norman MacLean.

B' e Jake Dòmhnallach a' stiùir Tormod MacGill-Eain gu saoghal na Gàidhlig agus e na sgoilear ann an Acadamaidh Bhellahouston aig an àm. Ged nach do rinn e Gàidhlig mar chuspair gus an robh e air a' chòigeamh bliadhna cha do chuir sinn maill sam bith air agus lean e air adhart leis a' chuspair nuair a chaidh e dhan oilthigh.

B' ann nuair a bha Tormod a' frithealadh Oilthigh Ghlaschu a choinnich leithid Ruairidh Caimbeul agus Niall Friseal ris an toiseach agus cha robh e fada gus an do thuig iad gun robh comasan air leth aig a' bhalach seo.

Nas fhaide air adhart na bheatha choinnich Niall ri Tormod a-rithist, an turas seo bha Niall a' cur feum air na sgilean aig balach Bhaile Ghobhainn agus an dithis ag obrachadh còmhla air sreath de phrògraman air an telebhisean "Tormod air Telly". Bha Tormod a' tàladh luchd-amharc chun na prògraman telebhisean agus aig an aon àm a' tàladh dhaoine a-mach gu taighean-òsta agus gu tallaichean coimhearsnachd, ged a bhiodh iomagain air gu leòr aca an robh e dol a' nochdadh; sgeul a lean ris.

Cha robh beatha Thormoid gun thrioblaidean agus e a' strì fad iomadach bliadhna le trioblaidean dibhe gus mu dheireadh sguir e dha na cuirmean is eile agus rinn e a shlighe air ais gu dùthaich a mhàthar neo chun an eilein far an do chuir e seachad ùine e fhèin na òige, a dh'eilean Uibhist.

Chur e seachad na deich bliadhna mu dheireadh ann an Uibhist fo chùram agus fo stiùir a' chàraid Peigi is Mike Townsend. Anns an ùine sin dh'atharraich slighe a' bheatha gu mòr agus cuideachd thug e fhèin stiùireadh is brosnachadh do dh' òigridh a thaobh an dualchais aca. Fhuair e fhèin cuideachd tlachd is fois anns an t-slighe a ghabh e mus do bhàsaich e.

1 hour

Last on

New Year's Day 2018 18:00

Broadcasts

  • Sun 31 Dec 2017 22:00
  • New Year's Day 2018 18:00