Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Dubh is an Gorm

A' cuimhneachadh air Iain Crichton Mac a' Ghobhainn a bhiodh 90 an-diugh. Remembering Iain Crichton Smith on what would have been his 90th birthday.

Tha Iain Crichton Mac a' Ghobhainn ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bàrdachd Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bìobuill is Sanasan Reice (1965), Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cànan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.

Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dàin aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhàird gu aire mòran dhaoine. Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais Bàrdachd a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.

Sa phrògram seo cluinnidh sibh Iain ag aithris a bhardachd fhèn - 'An Cuala Tu an Tàirneanaich', 'Tha thu air Aigeann M' Inntinn', 'Do mo Mhàthair','Nuair a Bha Sinn Òg' agus 'A' Dol Dhachaigh'.

Cluinnidh sibh cuideachd Dòmhnall MacAmhlaigh, Dòmhnall Meek, Boyd MacDhonnchaidh, Murchadh Macleòid, Calum Macleòid, Anna Latharna NicIllÌosa, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Uilleam MacIllÌosa agus Dòmhnall Moireasdan a' cuimhneachadh air Iain.

Rugadh Iain Crichton Mac a' Ghobhainn air Là na Bliadhn' Ùire 1928 agus chaochail e ann an Taigh an Uillt air an 15mh den Dàmhair 1998.

1 hour

Last on

New Year's Day 2018 19:00

Broadcast

  • New Year's Day 2018 19:00