
Dà Sgeulachd bho Iain: Sam Spaid agus An Gèam Football
An sgrìobhaiche Iain Crichton Mac a' Ghobhainn a' leughadh dà sgeulachd ghoirid. The late writer Iain Crichton Smith reads two of his short stories.
Tha Iain Crichton Mac a' Ghobhainn ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bà rdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gà idhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bà rdachd Gà idhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bìobuill is Sanasan Reic (1965) , Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cà nan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.
Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dà in aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhà ird gu aire mòran dhaoine. Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais Bà rdachd a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.
Am measg nan leabhraichean de sgeulachdan goirid a chaidh fhoillseachadh tha Bùrn is Aran (1960) agus An Dubh is an Gorm (1963) .
Sa phrògram sa, a th' air a thoirt thugaibh le Aonghas Macneacail, seo cluinnidh sibh Iain a' leughadh dà sgeulachd - Sam Spaid agus An Gèam Football.
Rugadh Iain Crichton Mac a' Ghobhainn air Là na Bliadhn' Ùire 1928 agus chaochail e ann an Taigh an Uillt air an 15mh den Dà mhair 1998.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 2 Jan 2018 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 2 Jan 2018 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jan 2018 10:34ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal