
Còmhradh le Iain: 1/2
Iain Crichton Mac a' Ghobhainn a' còmhradh ri Aonghas MacNeacail nuair a bha e 60. Iain Crichton Smith in conversation with Aonghas MacNeacail on Iain's 60th birthday.
Tha Iain Crichton Mac a' Ghobhainn ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bà rdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gà idhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bà rdachd Gà idhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bìobuill is Sanasan Reic (1965) , Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cà nan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.
Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dà in aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhà ird gu aire mòran dhaoine. Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais Bà rdachd a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.
Am measg nan leabhraichean de sgeulachdan goirid a chaidh fhoillseachadh tha Bùrn is Aran (1960) agus An Dubh is an Gorm (1963) .
Sa phrògram sa, tha Iain ann an còmhradh ri Aonghas MacNeacail mu chuid obrach. Tha iad a' bruidhinn air mar thòisich e a' sgrìobhadh, na sgrìobhadairean a bhiodh e a' leughadh, mar a bha e na sgrìobhadair là n-uine an dèidh sguir a theagsag, agus mar a thòisich e a' sgrìobhadh sgeulachdan goirid agus nobhailean.
Rugadh Iain Crichton Mac a' Ghobhainn air Là na Bliadhn' Ùire 1928 agus chaochail e ann an Taigh an Uillt air an 15mh den Dà mhair 1998.
Last on
Broadcasts
- Wed 3 Jan 2018 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Jan 2018 22:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jan 2018 09:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal