
An t-Urr Calum Iain MacLeòid, ministear Eaglais Shaor a' Bhac
Còmhla ris an Urr Calum Iain MacLeòid, ministear Eaglais Shaor a' Bhac. Gaelic service conducted by Rev Calum I MacLeod, Minister of Back Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhag.
Salm 85: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Salm 118 : 15-16 air fonn Coleshill agus 's e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughadh: 2 Samuel 9: 1-13
Ceann-teagaisg: 2 Samuel 9: 13
Chaidh an t-Urramach MacLeòid a phòsadh ri coitheanal a' Bhac san Lùnastal 2010. Roimhe sin, bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Bharabhais an Eilean Leòdhais.
Mus deach e steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Geà rranan air taobh siar Leòdhais.
'S ann do dh'eilean Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus thà inig e gu bhith na Chrìosdaidh nuair a bha e trì bliadhna deug a dh'aois. Tha e fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an à m, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.
Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca; Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.
Last on
An t-Urr Calum Iain MacLeòid

Broadcasts
- Sun 4 Feb 2018 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Feb 2018 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Jul 2018 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Jul 2018 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal