
An t-Urr Coinneach Dòmhnallach, nach maireann (Kenny Sammy)
Seirbheis bho 1990 còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach (Kenny Sammy), nach maireann. Service from 1990 with the late Rev Kenneth MacDonald, Rosskeen Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 7-8 air fonn Evan agus Salm 126: 1-2 air fonn Morven. 'S e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlà radh ann an Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Leughadh: Iosua 2: 1-30
Ceann-teagaisg: Iosua 2
Rugadh Coinneach anns an Eilean Sgiathanach ann an 1935. Às dèidh Seirbhis Nà iseanta a' dhèanamh chaidh e an uair sin a dh'obair gu Roinn nan Cusbainn agus thug an obair e gu ruige Steòrnabhagh. Fhad 's a bha e ann an Leòdhas bha e am measg na ciad chomhairlichean a chaidh a thaghadh airson Comhairle nan Eilean Siar ann an 1974 agus e a' riochdachadh Sgìre Chuil. Bha e cuideachd na chluicheadair ball-coise air leth. Dh'fhà g Mgr Dòmhnallach a dhreuchd aig Roinn nan Cusbainn gus slighe eile a ghabhail na bheatha agus chaidh e air ais dhan cholaiste airson trèanadh airson na ministrealachd.
Fhad 's a bha e na oileanach ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1981 thà inig an naidheachd dhuilich gun robh an nighean aige, Alison, air chall ann an Kashmir 's gun i ach 19 agus i air thuras còmhla ri caraid anns na h-Innseachan. Chum Mgr Dòmhnallach air a' strì airson lorg fhaighinn air Alison còrr air 30 bliadhna agus e cinnteach gu robh i fhathast beò agus gu faiceadh e a-rithist i. Chaidh e fhèin 's a bhean, Reta, gu ruige na h-Innseachan còrr air fichead turas thar nam bliadhnaichean.
Às dèidh an trèanadh aige a dhèanamh ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire, chaidh Mgr Dòmhnallach a ghairm gu coitheanal Ros Cuithne ann an 1984, bha e an sin airson aona bliadhna deug. B' fheudar dha a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal a leigeil dheth agus e a' fulang le MS ach, a' dh'aindheoin sin, bha e fhathast a' searmonachadh thall 's a bhos, ged a bha a fhradharc a' fà illigeadh.
Bhà saich Mgr Dòmhnallach san Fhaoilleach 2018 aig aois 83 anns an ospadal ann an Drochaid a' Bhanna ann an Cataibh. Tha e a' fà gail a bhean Reta agus triùir de theaghlach a bharrachd air Alison.
Last on
An t-Urr Coinneach Dòmhnallach nach maireann (Kenny Sammy)

Credit
Role | Contributor |
---|---|
Producer | Angela MacKinnon |
Broadcasts
- Sun 28 Jan 2018 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Nov 2020 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal