
An t-Urr Eachann MacCoinnich
Seirbheis còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich a tha na mhinistear san Arm. Gaelic religious service conducted by Army Chaplain, Rev Hector MacKenzie.
Anns an t-seirbheis an diugh cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 5-6 air fonn Evan agus ‘s e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.
Salm 31: 23-24 air fonn Bangor agus ‘s e Tormod MacIllÌosa a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille-Mhoire.
Salm 33: 18-19 air fonn Coleshill agus ‘s e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Righ.
Leughadh: Philipianaich 3: 1-11
Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh tha e na phadre san Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ri Na Highlanders agus tha e a-nise ann an Colchester ann an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.
Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e a' cluich iomain, a' sreap nam bean, nuair a bhios an cothrom aige, agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghà idhlig agus ann an dualchas is eachdraidh nan Gà idheal.
Last on
Broadcasts
- Sun 21 Jun 2020 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Jun 2020 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal