
An t-Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais Nan Clèireach Ath-leasaichte
Còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais Nan Clèireach Ath-leasaichte, Glaschu. Service conducted by Rev Kenneth Stewart, Reformed Presbyterian Church, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 39: 5-6 air fonn Walsall agus ‘s e Dòmhnall MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Uillt-bheithe.
Salm 39: 12-13 air fonn Coleshill agus ‘s e Murchadh MacIllInnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, Srà id Gardner ann an Glaschu.
Salm 73: 24-25 air fonn Stornoway agus ‘s e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh .
Leughadh: Ecclesiastes 6: 3-6 & 12: 10-14
Ceann-teagaisg: Ecclesiastes 6: 6
Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thà inig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e ochd bliadhna deug.
Fhuair e foghlam ann an Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.
Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-Leasaichte ann an Glaschu. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Last on
An t-Urr Coinneach Stiùbhart

Broadcasts
- Sun 28 Jun 2020 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Jun 2020 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Sep 2020 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Sep 2020 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal