
An t-Urr Iain MacAsgaill, Eaglais Shaor Shruighlea
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ris an Urr Iain MacAsgaill, Eaglais Shaor Shruighlea. Gaelic religious service conducted by Rev Iain MacAskill, Stirling Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 107: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn agus Salm 103: 3-4 air fonn Stornoway agus ‘s e Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn. Chaidh an dà shailm sin a chlà radh ann an Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughadh: Philipianaich 4: 4-9
Ceann-teagaisg: Philipianaich 4: 4-9
Rugadh an t-Urr MacAsgaill ann an Dalabrog, Uibhist a Deas agus chaidh a thogail ann an Loch nam Madadh. Mus deach Iain a-staigh airson a bhith na mhinistear, bhiodh e a' cur fà ilte chridheil air luchd-siubhail a' tighinn 's a' falbh aig Port-adhair Bheinn na Fadhla far an robh e ag obair aig BA airson trì bliadhna deug.
B' ann ann an 1997 a thòisich e a' searmonachadh ann an Uibhist agus chaidh Eaglais Shaor a stèidheachadh sa Cheann a Deas ann an Loch Baghasdail. Bha an coitheanal aige air leudachadh thar nam bliadhnaichean agus bha tòrr òigridh a' frithealadh nan seirbheisean. Bha Iain ann an Uibhist airson dusan bliadhna agus thairis air an ùine sin stèidhich e Urras a' Chala airson cuideachadh le daoine a bha a' fulang le trioblaidean dibhe. Tha e fhathast na chathraiche air an urras ged nach eil e a' fuireach anns a' sgìre.
Bha an t-Urr MacAsgail còrr air ceithir bliadhna ann an Ros Cuithne, 's an eaglais eadar Alanais agus Inbhir Gòrdain agus bha mu 250 anns a' choitheanal aige. A bharrachd air obair na paraiste, bha obair chudromach eile aige agus e os cionn cùram spioradail Sgioba Ball-coise Ross County. Ged a tha e air an sgìre fhà gail agus a-nise stèidhichte ann an Sruighlea, tha e fhathast a' coimhead às dèidh feumalachdan spioradail na sgioba. Tha e cuideachd na iar-chathraiche air Bòrd na h-Eaglaise Saoire airson obair eadar-nà iseanta agus na bhall de dh'Ùghdarras Ministearan Moldova.
Tha Iain pòsta aig Ann agus tha aon nighean aca, Kathryn. Tha ùidh mhòr aige ann am ball-coise agus ann an ceòl, 's luchd-ciùil, leithid Van Morrison, Bob Dylan agus Johnny Cash gu mòr a' còrdadh ris.
Last on
Broadcasts
- Sun 21 Feb 2021 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Feb 2021 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal