Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach, ministear Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Gaelic service with Rev Iain M MacDonald, Tarbert Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 100: 1-2 air fonn Coleshill agus ‘s e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Oib.
Salm 16: 10-11 agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Salm 130: 7-8 air fonn Torwood agus ‘s e Iain A Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: Mata 27: 27-37
Ceann-teagaisg: Mata 27: 36

'S ann do sgìre Bheàrnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil san sgìre sin mus deach e a Steòrnabhagh son foghlam aig àrd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.

Rugadh is thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh air a' chroit. Bha obair pàirt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon àm ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.

Dh'atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh agus bho thàinig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e a' faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh a bhith na mhinistear. Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain. Às dèidh trèanadh airson na ministrealachd, chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh. Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus bha e ann an sin gus an do ghluais e gu coitheanal an Tairbeirt anns na Hearadh.

Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill ( an nighean a b' òige aig an Urr Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Mhurdaig, 's a bhean, Màiri ) agus tha triùir chloinne aca.

30 minutes

Last on

Sun 19 Sep 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 28 Feb 2021 09:00
  • Sun 28 Feb 2021 21:00
  • Sun 19 Sep 2021 09:00
  • Sun 19 Sep 2021 15:00