
An t-Urr Coinneach Dòmhnallach
Seirbheis còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic religious service with Rev Kenneth MacDonald, Free Church Continuing.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 121: 1-3 air fonn French agus ‘s e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 145: 10-11 air fonn Torwood agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 116: 7-8 air fonn Coleshill agus ‘s e an t-Urr Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Leughadh; Galatianaich : 1-12
Ceann-teagaisg: Galatianaich 1: 6
Rugadh agus thogadh Mgr Dòmhnallach ann an sgìre Phabail Uaraich anns an Rubha ann an Leòdhas. Às dèidh an sgoil fhà gail anns an Rubha agus Sgoil Mhicneacail a fhrithealadh chaidh e a dh'ionnsachadh obair saorsainneachd airson ceithir bliadhna ann an Steòrnabhagh.
Às dèidh pòsadh, chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Inbhir Nis airson greiseag agus an uair sin thill iad air ais a Steòrnabhagh far an robh iad a' ruith bùth ùine ghoirid. Tha dithis bhalach aca agus dusan ogha, agus tha fear de na balaich na mhinistear ann an sgìre Nis ann an Leòdhas.
Thà inig atharrachadh ann am beatha Mhaighstir Dhòmhnallaich ann an 1987 agus chaidh e a dh'obair chun na buidhne Tear Fund ann am Bangladesh airson dà bhliadhna. Às a sin ghluais e gu miseanaraidh ann an Afraga a Deas far an robh e cuideachadh le bhith a' leasachadh 's a' cà radh eaglaisean, a' togail eaglaisean ùra agus a' searmonachadh bho à m gu à m cuideachd.
Ann an 1993, thill Maighstir Dòmhnallach air ais dhan dùthaich agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Dùn Èideann. Fhuair e fios bho choitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Snìosoirt san Eilean Sgitheanach ann an 1997 agus bha e a' frithealadh a' choitheanail sin gu 2008. Anns an Dùbhlachd 2008 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Sgalpaigh, gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2016.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is caomh leis a bhith ag iasgach, a' leughadh, a' dèanamh beagan DIY agus a' cur seachad ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
Broadcasts
- Sun 7 Mar 2021 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Mar 2021 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Sep 2021 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Sep 2021 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal