Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mgr Earraig às a' Phòlainn

Seirbheis còmhla ri Mgr Earraig às a' Pholainn. Gaelic religious service with Fr Jaroslaw Kwecien (Mgr Earraig) from Poland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
A’ seinn 'O Iosa bi ’n Còmhnaidh' tha Mairead NicIllFhialain.
Tha Derick Mac an Tòisich agus sgoilearan bho Sgoil Lionacleit a’ seinn 'Tha sinn a’seasamh aig an t-Soisgeul'
A’ seinn 'Aoibhneas Moire Mhìn' tha Margo Carruthers.
Tha Còisirean Eaglaisean Eilean Bharraigh a’ seinn na laoidhean 'O thoir mi null' agus 'A Thighearna Chruthaich is a Dhealbh Mi”
Agus a’ seinn 'Do Làmh a Chrìosda' tha Dòmhnall Francis MacNèill.

Leughadh: Lùcas 1: 26-38

'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart o chionn cha mhòr naoi bliadhna deug. Bha e an toiseach ann am paraiste mhòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e anns an Ròimh airson seachd bliadhna agus thug e a-mach dotaireachd (Ph.D.) ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bidh e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laidinn ann. An-uiridh chaidh ainmeachadh mar cheannard na Colaiste.

A thaobh a' cheangal a th’ aig Mrg Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhein,“‘S e sgeul gaoil a tha seo.”

Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e ann a sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean agus tha e fhathast a’ dèanamh seo. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thairis air na seachd bliadhna deug tha e air tadhail air tòrr àiteachan an Alba agus air tòrr charaidean a’ dhèanamh. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e,“ làndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.”

Bhon uair sin tha e air a bhith ga h-ionnsachadh, rinn e cùrsaichean aig an t-Sabhal Mhòr, am Flòdaigearraidh agus air-loidhne agus ged a tha e anns a’ Phòlainn, tha e ag radh “gu bheil a’ chridhe ann an Alba…”.

30 minutes

Last on

Sun 16 Jan 2022 15:00

Broadcasts

  • Sun 16 Jan 2022 09:00
  • Sun 16 Jan 2022 15:00