
An t-Urr Jack MacLeòid
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Jack MacLeòid (nach maireann) bho 1987. Gaelic religious archive service conducted by the late Rev Jack MacLeod, Point Free Church
Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh seirbheis a chaidh a chraoladh an toiseach anns an Fhaoilleach 1987 còmhla ris an Urramach Jack MacLeòid (nach maireann) bho Eaglais Shaor an Rubha.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm à gus an leughadh a leanas:
Salm 68: 20-21 air fonn Bangor agus Salm 24: 7-8 air fonn Moravia. Os cionn na seinn bha Murchadh MacLeòid às an Rubha le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Leughadh Genesis 3: 1-20
Ceann-teagaisg: Genesis 3:15
Rugadh an t-Urramach Iain MacLeòid (Jack) ann an Detroit, a' chiad mac aig Ceit agus Murchadh MacLeòid à Siabost. Dh'imrich athair is mathair Mhgr MhicLeòid gu Detroit anns na ficheadan - gu h-iongantach ged a b' ann à Siabost a bha an dithis 's ann an Detroit a choinnich iad agus a phòs iad. Rugadh Jack anns an Ògmhios 1926 's cha robh e ach bliadhna a dh'aois nuair a thill iad air ais a Leòdhas. Rugadh an còrr den teaghlach ann an Siabost; dithis nighean agus dithis ghillean.
Chaidh Mgr MacLeòid a Bhun-sgoil Shiabost agus an uair sin gu Àrd-sgoil MhicNeacail. Chaidh a ghairm dhan chogadh, dhan Chabhlach Rìoghail, agus theab e a bheatha chall dà thuras nuair a chaidh am bà ta air an robh e a chur fodha ach cha do bhruidhinn e riamh mòran air mar a thachair dha. Thill Mgr MacLeòid air ais a Shiabost às dèidh a' chogaidh agus thòisich e ag obair air na clòithtean.
Thà inig atharrachadh na bheatha, agus dh'fhairich e gairm gu obair na ministrealachd. Le glè bheag de chothroman foghlaim aige roimhe seo, b'fheudar dha a dhol dhan oilthigh. Cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann agus chuir e seachad trì bliadhna an uair sin ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Choinnich Mgr MacLeòid ri bhean Mairead nuair a bha e na oileanach ann an Dùn Èideann agus phòs iad às dèidh dha cead-searmonachaidh fhaighinn. Chuir e seachad a' chiad trì bliadhna den mhinistrealachd na iar-mhinistear air coitheanal a' Ghearastain ann an Ontario, Canada.
Thà inig iad a dh'fhuireach a Leòdhas ann an 1959, far an deach a phòsadh ri Eaglais Shaor na Pà irce, coitheanal a bha e a' frithealadh airson ochd bliadhna. Ann an 1967, agus ceathrar a theaghlach a-nise aca, fhuair Mgr MacLeòid gairm gu Eaglais Shaor Thoronto far an do chuir e seachad sia bliadhna.
Anns an Ògmhios 1973, thill an teaghlach air ais dhan rìoghachd agus chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Lunainn far an robh e airson ceithir bliadhna. 'S ann aig Eaglais Shaor an Rudha a chrìochnaich Mgr MacLeòid an obair aige mar mhinistear os cionn coitheanal agus chaidh a phòsadh ris a' choitheanal sin ann an 1977. Fhads a bha e na mhinistear an sin bha e gu math tinn airson ùine às dèidh obair-lannsa air a chridhe. Bha e na mhodarà tair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 1987. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1991.
Mar mhinistear air coitheanal bha Mgr MacLeòid an còmhnaidh a' gabhail ùidh anns na bha dol air adhart sa sgìre far an robh e stèidhichte. Bhiodh e dol gu coinneamhan anns a' choimhearsnachd agus an còmhnaidh a' toirt taic dhaibh. Bha ùidh mhòr aige ann am ball-coise cuideachd.
Chaidh Mgr MacLeòid 's a bhean a dh'fhuireach a Shiabost airson grunn bhliadhnaichean às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth ach mu dheireadh, ri linn dìth na slà inte agus feum aige a bhith frithealadh an ospadail tric, ghluais iad a Steòrnabhagh. Anns an Iuchar 2001, dìreach bliadhna mus do chaochail e, ged nach robh e cumail cho math, chaidh e gu banais a' chiad ogha aige anns an Òlaind. Chaochail Mgr MacLeòid san Iuchar 2002.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 16 Jan 2022 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal