Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Seumas MacNèill

Seirbheis airson a' chiad Dòmhnach den Charghas còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill. Canon James MacNeil conducts a service for the first Sunday in Lent.

Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
A' seinn Thighearna ar Dòchais tha Còisir Eaglais Naomh Peadar.
A' seinn an Kyrie bha Còisir Eaglais Naomh Barr.
Tha Sìneag Nic an t-Saoir a' seinn Bheir Mi Gràdh Dhut agus Màiri NicAonghais a' seinn A Thighearna Mo Chuibhreann.
A' seinn còmhla anns an laoidh A Thighearna Dhia, tha Catrìona Anna Nic a' Phì agus Kathleen NicAonghais

Leughaidhean:
Leabhar Deuteronomi 26: 4-10
Lìtir Naomh Pòl chun na Ròmanaich 10: 8-13
Soisgeul Mhata 6: 1-6 & 16-18

A' leughadh bha Ailig O'Henley.

Rugadh Mgr. Seumas an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn. Roimhe sin, bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Fadhla agus ann am Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.

Tha Mgr. Seumas stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban. Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith a' leughadh agus a' coiseachd.

30 minutes

Last on

Sun 6 Mar 2022 15:00

Broadcasts

  • Sun 6 Mar 2022 09:00
  • Sun 6 Mar 2022 15:00