Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Aonghas MacCuithein

An Canan Aonghas MacCuithein nach maireann le aifreann bho Eaglais Naomh Briannan, Barraigh bho 1969. Canon Angus MacQueen with a Gaelic Mass from St Brendan's, Craigston in 1969.

Anns an aifreann cluinnidh sibh na laoidhean a leanas :
A Dhia thoir dhuinn na gràsan
Chì mi aran air an Altair
Laoidh Chaluim Chille

Rugadh Mgr. Aonghas ann am Baile Gharbhaidh san Iochdar an Uibhist a Deas san t-Samhain 1923. Bha ceathrar san teaghlach - a phiuthar Catriona agus a bhràithrean Dòmhnall Ailean, Dòmhnall Ailig agus e fhèin. Bha làn dhùil aig a phàrantan imrich a dhèanamh gu ruige Canada còmhla ris an fheadhainn a chaidh a null cuide ri Mgr. Iain Dhonnchaidh air a' Mharloch ach fhuair a mhàthair a-mach gun robh i a' giùlain leanabh agus b’ fheudar dhaibh na planaichean aca atharrachadh agus dh’fhuirich iad ann an Uibhist.

B’ ann aig aois 12 a cho-dhùin Mgr. Aonghas gun robh e airson, mar a thuirt e fhèin, “daoine fhàgail toilichte” agus airson sin a dhèanamh, gun robh e airson a dhol air adhart gu bhith na shagart. Bha Mgr. Aonghas a’ frithealadh paraistean ann an Sgìre Easbaig Earra-Ghàidheal ‘s nan Eilean airson còrr air 60 bliadhna gus an do leig e dheth uallach paraiste ann an 2011. Thairis air an ùine sin bha e na shagart ann an Èirisgeidh, Bagh a’ Chaisteil, Morar, Gleann Comhainn, Eilean Bhòid, Bornais agus am Bagh a Tuath far an robh e na shagart mu dheireadh .

Bhàsaich an Canan Aonghas MacCuithein air an 9mh latha den Ghearran 2019 aig 95 bliadhna a dh'aois. An Canan Aonghas MacCuithein – sagart, còcaire, sgeulaiche, eòlaiche air eachdraidh ‘s cultar agus aig cridhe a h-uile sian, sàr Ghàidheal.

30 minutes

Last on

Sun 6 Mar 2022 21:00

Broadcast

  • Sun 6 Mar 2022 21:00