
le Cathy NicDhòmhnaill
'S e Seumas Dòmhnallach à Carolina a Tuath, cèiliche na seachdain. Cathy chats to Wednesday guest, Jamie MacDonald from North Carolina in the USA.
Chaochail an t-Ollamh Sir Ian Wilmut aig deireadh na seachdain. Bha Mgr Wilmut ainmeil mar an fhear a chruthaich a' chaora Dolly ann an 1996, rud a thug crathadh mòr air saoghal saidheans. An-diugh, tha an t-Ollamh Alasdair MacChoinnich - a bha eòlach air Ian Wilmut - agus an Dr Dùbhglas Moireasdan, ga chuimhneachadh.
Tha Oilthigh Ghlaschu air a bhith a' cladhach às ùr aig seann là rach eachdraidheil ann am Baile Ghobhainn. Tha an là rach aig Seann Eaglais Bhaile Ghobhainn ainmeil mar an à ite far an deach lorg fhaighinn air leacan snaighte bhon 6mh chun 11mh linn. Tha Moira Piazzoli am measg nan oileanach à rc-eòlais a th' air a bhith aig an là rach fad na seachdain 's tha i ag innse do Chathy mu dheidhinn.
Tha leabhar ùr de dheilbh a' mhodail 's an neach-cà mara, Lee Miller ga fhoillseachadh, 's tha film ùr mu a beatha cuideachd ga dhèanamh le Kate Winslet mar phrìomh chleasaiche. Tha an ealanaiche Iseabail Mhoireach a' toirt sùil air beatha Lee Miller.
'S e Seumas Dòmhnallach a tha air chèilidh an-diugh. 'S ann à Carolina a Tuath a tha Seumas ach e a' tà mh ann an Alba Nuadh an Canada, far an robh e a' teagasg aig Oilthigh St. Francis Xavier. Tha e ag innse mu a shinnsearachd Albannach agus mar a thà inig e gu bhith ag eadar-theangachadh leabhraichean chloinne dhan Ghà idhlig. Tha fear dhiubh sin, A' Chearc Bheag Ruadh, air ùr fhoillseachadh bho chionn ghoirid.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 13 Sep 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Sep 2023 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal