
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
A' comharrachadh ceithir fichead bliadhna bho bhuail itealan ann am Beinn Lì. Commemorating eighty years since the Beinn Lì air disaster.
Thèid seirbheis cuimhneachaidh a chumail aig Carragh Cuimhne Cogaidh Uibhist a Tuath Dihaoine a' comharrachadh gu bheil ceithir fichead bliadhna bho chaochail luchd-adhair Ameireaganach nuair a bhuail an itealan san robh iad ann am Beinn Lì faisg air Loch nam Madadh an Uibhist a Tuath. Bheir Tormod MacIain dhuinn eachdraidh na tubaist.
Seo an t-à m dhen bhliadhna a tha raointean fraoich, mòra breà gha aig à rd an à illeachd air monaidhean air feadh na rìoghachd. Ach, tha samhradh blà th air adhbhrachadh gu robh eam fraoch aig à irde beagan nas trà ithe nan à bhais agus gu bheil dearcan dearga air nochdadh nam pailteas, beagan nas trà ithe cuideachd. Tha Alasdair MacLeòid air a bhith a' rannsachadh an liuthad dòigh sa robh fraoch ga chleachdadh uaireigin agus mar a tha dearcan dearga air an cleachdadh ann am biadh is deoch.
Nì Wilma Nicualraig lèirmheas air an dealbh-chluich Grand Old Opera House Hotel, a tha ri fhaicinn sa Dundee Rep gu deireadh na seachdain.
Chaidh dà astaroid ainmeachadh às dèidh dithis reuladairean boireann, a rinn mìn-sgrùdadh air an iarmailt sa naoidheamh linn deug. Chlà r Annie Maunder agus Alice Everett na reultan ‘s iad a' cosnadh glè bheag de dh’airgead no aithne airson an saothair. Gheibh sinn eachdraidh beatha nan reuladairean bho Mhurchadh Peutan.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 14 Sep 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 14 Sep 2023 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal