Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Thèid botail uisge-beatha bho taigh-staile MhicAilein gu rup an ath mhìos, far a bheilear an dùil gu reic e airson faisg air £1.2 millean. Dh'innis eòlaiche margaidheachd agus gnìomhachas an uisge-bheatha, Murchadh Caimbeul, dè cho fùrasta 's a tha e airgead a dhèanamh à uisge beatha.

Bha feadhainn a tha deigheil is eòlach air ball-coise a' cuimhneachadh air Sir Bobby Charlton, a chaochail air an deireadh sheachdain.

Chaidh ìomhaigh ùr fhoillseachadh ann an Obar Dheathain bho chionn ghoirid, ìomhaigh umha dhen Àrd-Ollamh Iain Seumas Rankin MacLeòid. Choisinn e duais Nobel bho chionn 100 bliadhna, airson an obair mhòr a rinn e mu choinneamh tinneas an t-siùcair. Ach cò direach a bh' ann agus dè bhuaidh a thug e air saoghal leighis?

B' e Iain Tormod Dòmhnallach, cèiliche na seachdain. 'S ann à Lingreabhagh anns na Hearadh a tha Iain Tormod, baile a bha gu math ainmeil aig aon àm nuair a bha dùil cuaraidh mòr a chladhach ann. Rinn Iain Tormod a dhachaigh ann an Glaschu bho chionn iomadh bliadhna. Cluinnidh sinn mun a sin agus mu na ceàrnaidhean dhen t-saoghal sa bheil e air a bhith a' siubhal.

57 minutes

Last on

Sun 29 Oct 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 29 Oct 2023 12:00