
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air colbhan-beachd nam pà ipearan-naidheachd bhon deireadh sheachdain. Guests review some of the weekend's newspaper columns.
'S iad Pà draig MacAoidh agus Iain Stephen Moireasdan a tha a' toirt sùil air colbhan-beachd bho phà ipearan na deireadh sheachdain.
Bidh Fèis Film Inbhir Nis a' tòiseachadh aig deireadh na seachdain agus tha sinn a' faighinn blas air na bhios ri fhaicinn ann a sin bho Emily Dhòmhnallach aig Talla Eden Court.
Tha faisg air 40 bliadhna bho nochd a' chiad nobhail bhon sgrìobhaiche Sebastian Faulks. Tha e air còig nobhail deug a sgrìobhadh bhon uairson agus iomadh duais a thogail. 'S dòcha gur e na trì a bha stèidhichte san Fhraing aig à m a' chogaidh a b' ainmeile: The Girl at the Lion d'Or, Birdsong agus Charlotte Gray. Tha sgeulachd gu tur eadar-dhealaichte san nobhail ùr aige, The Seventh Son. Tha e stèidhichte air dè tha tachairt nuair a tha boireannach ag aontachadh leanabh a ghiùlain mar dheuchainn saidheans. Tha Coinneach Moireasdan air a leughadh agus tha e a' toirt a bheachd air.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 30 Oct 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 30 Oct 2023 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal