Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Carson a tha na fir cho dèidheil air an t-seada? What is it with men and their sheds?

Tha gu leòr air a bhith anns na naidheachdan airson làithean air mar a tha cuideam ga chur air Riaghaltas na h-Alba innse carson a chaidh cuir às do theachdaireachdan WhatsApp co-cheangailte ri àm Covid. Cluinnidh sinn bho thriùir air dè cho tric 's a bhios iadsan a' faighinn cuidhteas seann teachdaireachdan agus puist-dealain air am fòn-laimhe aca.

Tha e coltach gu bheil Seirbheis Màthaireil na h-Òlaind a' tabhainn neach-cuideachaidh a bhios fad seachdain a' toirt taic do gach màthair aon uair 's gun teid iad dhachaigh le leanabh ùr. Ach, an cuireadh a h-uile màthair fàilte air an t-seirbheis seo? Gheibh sinn beachd bho mhàthraichean air dè an taic a bhiodh iad ag iarraidh a' chiad seachdain san dachaigh le bèibidh ùr.

Chan urrainn dhan mhòr-chuid de dh'fhireannaich dèanamh às aonais seada airson obair càraidh, obair chruthachail agus uaireannan beagan fois mar a chluinneas sinn bhon triùir a tha còmhla rinn an-diugh.

57 minutes

Last on

Tue 31 Oct 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 31 Oct 2023 09:00
  • Tue 31 Oct 2023 22:25