
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha e coltach gu bheil Seirbheis Mà thaireil na h-Òlaind a' tabhainn neach-cuideachaidh a bhios fad seachdain a' toirt taic do gach mà thair aon uair 's gun teid iad dhachaigh le leanabh ùr. Ach, an cuireadh a h-uile mà thair fà ilte air an t-seirbheis seo? Fhuiar sinn beachd bho mhà thraichean air dè an taic a bhiodh iad ag iarraidh a' chiad seachdain san dachaigh le bèibidh ùr.
Chan urrainn dhan mhòr-chuid de dh'fhireannaich dèanamh às aonais seada airson obair cà raidh, obair chruthachail agus uaireannan beagan fois mar a chuala sinn bhon triùir a cha còmhla ri Cathy madainn Dimà irt.
Dh'fhaodadh gun tèid an sìthean zinnia a chleachdadh mar shuaicheantas cuimhneachaidh do fheadhainn a chaill am beatha tro Chovid. Thug an gà irnealair, Calina NicDhòmhnaill sùil air dè seòrsa flùr a th' ann an zinnia agus carson a chaidh a thaghadh airson seo.
Seo an t-à m dhen bhliadhna a tha sreathartaich is casadaich gu leòr ri chluinntinn. Diardaoin bha sinn a' toirt sùil air na leigheasan a b' à bhaist a bhith aig daoine airson beagan togail a thoirt orra fhèin, 's teich a chur air galairean.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 5 Nov 2023 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal