Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Sùil air colbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain. Guests review some of the weekend's newspaper columns.

'S iad Pàdraig MacAmhlaigh agus Murray MacLeòid a tha a' toirt sùil air colbhan-beachd bho phàipearan na deireadh sheachdain.

Tha sinn a' faighinn beachd air a' film ùr, Nyad. Tha e stèidhichte air sgeulachd beatha Diana Nyad a bha ainmeil mar lùth-chleasaiche sna 70an agus mar shàr shnàmhadair. Shnàmh i timcheall Manhattan ann an 1975 ann an nas lugha na ochd uairean a thìde. Rinn i a' chùis air snàmh eadar na Bahamas agus Florida ann an 27 uair a thìde agus nuair a bha i 60 bliadhna a dh'aois, dh'fheuch i air na h-uisgeachean eadar Cuba is Florida. 'S iad Annette Bening agus Jodie Foster na prìomh chleasaichean anns a' film. Tha Sìne NicLeòid, a tha na stiùiriche telebhisean agus a bhios a' snàmh a-muigh, a' toirt a beachd air a' film.

Bidh aig na mìltean de dhaoine ri cìs a phàigheadh às ùr air am peinnsean bhon ath-bhliadhna, fiù 's ged nach biodh teachd a-steach sam bith eile aca. Carson agus dè ghabhas a dheànamh mu dheidhinn? Tha an t-eòlaiche ionmhais Dòmhnall Màrtainn a' toirt sùil air a' chùis.

57 minutes

Last on

Mon 6 Nov 2023 22:25

Broadcasts

  • Mon 6 Nov 2023 09:00
  • Mon 6 Nov 2023 22:25