Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Ruairidh Iain Caimbeul bhon Eaglais Shaor

Còmhla ris an Urr Ruairidh Iain Caimbeul a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Tholastaidh. Gaelic service conducted by Rev Roddy J Cambpell, retired minister Tolsta Free Church

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Evan agus os cionn na seinn tha Eàirdsidh Rosach le taic bho choitheanl Eaglais Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach.
Salm 40: 1-2 air fonn St David agus 's e Ailean Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais a' Chaoil.
Salm 84: 6-7 air fonn Moravia agus 's e Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart

Leughadh: Eòin 10: 1-15
Ceann-teagaisg Eòin 10: 11

Rugadh is thogadh Mgr Caimbeul ann am baile Lìonail ann an Nis. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na iar-mhanaidsear airson còig bliadhna deug air aon de bhùithtean a' Cho-op ann a Steòrnabhagh. Thill e air ais dhan sgìre aige fhèin às dèidh sin, far an robh e ag obair aig Comann Eachdraidh Nis airson trì bliadhna. Rinn e ceum tron Oilthigh Fhosgailte agus às dèidh sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1996. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath ann an 1999 agus leig e dheth a dhreuchdann an 2021. Tha Mgr Caimbeul air tilleadh a dh’fhuireach ann an Nis agus dha chumail fhèin traing a' toirt taic do Chomunn Eachdraidh Nis.

30 minutes

Last on

Sun 3 Dec 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 3 Dec 2023 09:00
  • Sun 3 Dec 2023 15:00