
Còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid
Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Free Church (Continuing) Snizort.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 119: 41-42 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 111: 2-3 air fonn London New agus ‘s e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Salm 119: 105-107 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ùige an Eilean Sgiathanaich
Leughadh: Esra 1: 1-11
Ceann-teagaisg: Esra 1: 5-11
Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Oib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pà irce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.
Last on
Broadcasts
- Sun 10 Dec 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Dec 2023 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal