
Seirbheis Nollaige còmhla ri Mgr Earraig
Mgr Earraig Kwiecień, sagart-cuideachaidh Cathair-eaglais Naoimh Chaluim Chille le Seirbheis airson à m na Nollaige. A special service for Christmas with Fr Earraig Kwiecień.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean Nollaige a leanas:
O Thig, O Thig Immanuel, le Mairianna NicUalraig, Saffron Hanvidge agus Joy Dunlop.
Bha buachaillean an Dùthaich Shear, air a sheinn le Seumas Greumach.
John Joe MacNèill a’ seinn, Bha Sneachda na Chuibhrig.
Mairead Stìubhart, Pòl MacCaluim agus Julie Fowlis a’ seinn, Ainglean Chuala Sinn gu h-Àrd.
Ciùin an Oidhche, air a sheinn le Catrìona Watt.
Leanabh an Aigh, air a sheinn le Joanna Peteranna agus Kirsteen Menzies
Leughaidhean: Lùcas 2: 8-12
Mata 1: 18-24
Mata 2: 1-3 & 10-11
Lùcas 2: 4-7 & 19
'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart còrr aig fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mhòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e anns an Ròimh airson seachd bliadhna agus thug e a-ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn còrr is deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bha e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laidinn ann agus mu dheireadh bha e na cheannard air a' Cholaiste.
A thaobh an ceangal a th’ aig Mrg Earraig ris a’ Ghà idhlig, mar a thuirt e fhein,“‘S e sgeul gaoil a tha sin.â€
Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e ann a sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thadhail e air tòrr à iteachan an Alba agus rinn e tòrr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e,“ là ndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghà idhlig.â€
Dh'ionnsaich e an cà nan tro chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, am Flòdaigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus mu dheireadh thall rinn e sin am-bliadhna. Tha Mgr Earraig a-nise na shagart ann an Sgìr' Easbaig Earra-Ghaidheal 's nan Eilean agus an-drà sta fhèin na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naoimh Chaluim Chille san Òban.
Last on
Broadcasts
- Christmas Eve 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2023 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal