Main content
Sorry, this episode is not currently available

Àbhachdas nan Rubhach

'S e seanchasan èibhinn bho cheathrar Rubhach a thagh Mairead NicDhòmhnaill às an tasglann. Margaret MacDonald chooses a programme to mark Gaelic broadcasting's centenary.

Tha 100 bliadhna bho chaidh a' Ghàidhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair agus airson sin a chomharrachadh, tha craoladairean ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gàidheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho làidir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.

'S ann ann an 2005 a chaidh taghadh Mairead NicDhòmhnaill a chraoladh an-toiseach - Àbhachdas nan Rubhach. Chaidh ceathrar Rubhach - Calum MacFhearghais 'Calum Bhob', Uilleam Caimbeul 'Willie Teddy', Tormod Macleòid 'Tormod a Bhan' agus Murchadh Macleòid 'Biòdan Narrow' - a thoirt còmhla airson dhà na thrì sgeulachdan èibhinn innse agus aon uair 's gun thòisich iad cha robh briseadh puirt orra!

Gàireachdainn agus lachanaich gu leòr ann an leth-uair a thìde a tha na dheagh eisimpleir air mar a tha craoladh na mheadhan air dibhearsain 's seanchas. Agus mar a tha Mairead ag innse dhuinn, cha bheag an togail a gheibh sinn bho na ceathrar Rubhach seo, cuid nach eil còmhla rinn an-diugh.

30 minutes

Last on

Sun 7 Jan 2024 10:00

Broadcasts

  • New Year's Day 2024 15:30
  • Sun 7 Jan 2024 10:00