
Cà nan Ar Dùthcha
A' comharrachadh 100 bliadhna de chraoladh Gà idhlig le taghaidhean air leth às an tasglann.
San Dùbhlachd, bha 100 bliadhna ann bho chaidh a' Ghà idhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho là idir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
Ann an 2004, chaidh Dòmhnall MacLeòid air chuairt air feadh na Gà idhealtachd - gu sgìrean far an robh a' Ghà idhlig air crìonadh mar chà nan là itheil na coimhearsnachd - anns an t-sreath Cà nan Ar Dùthcha. 'S e am prògram a chlà r e ann an Cataibh a thagh Mà irianna NicChoinnich, riochdaire aig Radio nan Gà idheal, mar phrògram a thug oirre fhèin stad agus èsiteachd. Prògram a tha air leth inntinneach mar shealladh air atharrachadh cà nain is coimhearsnachd; ach prògram air leth duilich cuideachd, oir gu bheil e a' cur an cèill dhuinn crìonadh na Gà idhlig ann an sgìrean far am b' à bhaist dhi a bhith cho là idir.
Sealladh iongantach agus prògram as math as fhiach èisteachd ris a-rithist, fichead bliadhna às dèidh dha bhith air a chraoladh an toiseach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 8 Jan 2024 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Jan 2024 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Jan 2024 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal