
Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic religious service conducted by the Rev John MacLeod, Free Church Continuing.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 63: 7-8 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 46: 10-11 air fonn Stornoway agus 's e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 89: 5-7 air fonn Martyrdom agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Leughadh: Salm 63
Ceann-teagiasg: Salm 63: 11
Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gà irnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bà n.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 11 Feb 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Feb 2024 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal