
Còmhla ri Fearghas MacBheathain
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ri Fearghas MacBheathain. Fergus MacBain conducts this Sunday's Gaelic service.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 34: 17-18 air fonn Bangor agus ‘s e Iain A Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 63: 2-3 air fonn Stornoway agus ‘s e Tòmas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 65: 4-5 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Leughadh: Brìtheamhan 16: 21-31
Brìtheamhan 16:28
'S ann do Chnoc an Torran ann an Uibhist a Tuath a bhuineas Fearghas MacBheathain. Fhuair e oideachadh ann am Bun- agus Àrd-sgoil Phaibil an Uibhist a Tuath. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil chur e ùine seachad ag obair mar phosta. Ann an 1990 thill e air ais dhan sgoil, agus an turas seo bha e a' frithealadh Sgoil Lionacleit airson dà bhliadhna. Bha seo mar phà irt den obair ullachaidh a bh' aige ri dhèanamh agus e a' dol a-staigh airson a bhith na mhinistear. Chur e seachad ùine ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart na oileanach agus chrìochnaich e an obair ullachaidh aige ann an Obar Dheathain. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille-Mhoire agus Paibil an Uibhist a Tuath. Às dèidh sin ghluais e gu coitheanal a' Chnuic anns an Rubha ann an Leòdhas. Tha Fearghas agus a bhean Ella 's an dithis chloinne aca air ais ann an Uibhist a Tuath agus, ged nach eil e a' leantainn dreuchd ministeir, bidh e fhathast bho à m gu à m a' searmonachadh anns an sgìre aige fhèin. Tha e an-diugh a' sàs ann an obair chroitearachd agus ann an obair chlèireachd. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith ag obair air a' chroit, anns a' ghà rradh agus a' gabhail beagan fois a' leughadh.
Last on
Broadcasts
- Sun 18 Feb 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Feb 2024 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal