
Còmhla ri Hamish Mac an Tà illeir
Còmhla ri Hamish Mac an Tà illeir, ministear-cuideachaidh Eaglais na h-Alba, air an Tairbeart 2013. Gaelic service conducted by Hamish Taylor, assistant-minister, Tarbert CofS.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 68: 7-8 air fonn London New agus 's e Dòmhnall Chapman a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Salm 22: 22-24 air fonn Martyrdom agus 's e Dòmhnall Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air Srà id Gardner ann an Glaschu.
Salm 23: 5-6 air fonn Evan agus 's e Iain Gillies Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Leughadh: Salm 23
Ceann-teagaisg: Salm 23:5
Rugadh Hamish Mac an Tà illeir ann an Fleòideabhagh sna Hearadh. Bha a mhà thair às an sgìre sin agus 's ann à Canada a bha athair ged a thogadh e anns na Hearadh. Chaidh Hamish oideachadh ann an Sgoil Mhà nais agus ann an Àrd-Sgoil an Tairbeirt. Às dèidh an sgoil fhà gail bha e a' sàs ann an obair an iasgaich airson beagan bhliadhnaichean gus an do thill e gu foghlam aig à rd-ìre agus a thug e a-mach dreuchd Oifigear Radio còmhla ris a' Chabhlach Mharsanta. Chuir e seachad bliadhnaichean anns an dreuchd sin gus an do phòs e. Ghluais e an uairsin gu obair ùr, gu dreuchd innleadair dealain aig stèisean an Decca còmhla ri buidheann a bha a' toirt seirbheis treòrachaidh do bhataichean-mara agus do dh'itealain. Dh'fhuirich e anns an obair sin airson 35 bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd. Chaith e a' mhòr-chuid den dreuchd sin anns an h-Eileanan an Iar, ann an Nis agus ann am Barraigh agus mar sin tha min-eòlas aige air na h-Eileanan bho cheann gu ceann, ach bha obair cuideachd ga thoirt gu à iteachan eile air feadh na rìoghachd agus ann an Èirinn.
'S ann à Griomasaigh an Uibhist a Tuath a tha Leacsaidh, bean Hamish agus tha dithis chloinne aca Seumas agus Fiona. Tha ceathrar oghaichean aig Hamish agus Leacsaidh, dithis nighean an duine aig Seumas agus aig Fionnghal agus dà iar-ogha.
Tha Hamish na èildear ann an Eaglais Shaor Cheann a Tuath na Hearadh agus bha e roimhe sin na èildear ann an Eaglais na h-Alba airson còrr air deich thar fhichead bliadhna agus anns an ùine sin chaidh a choisrigeadh mar Leughadair agus e air a chleachdadh gu tric mar shearmonaiche na choitheanal fhèin agus air feadh nan eilean.
Chuir Hamish seachad mòran bhliadhnaichean mar bhall de Shiostam Èisteachd na Cloinne anns na h-Eileanan agus na bhall air iomadh buidheann coimhearsnachd ann an ceann a deas na Hearadh.
Last on
Broadcast
- Sun 18 Feb 2024 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal