
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, topical talking points, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha na ceudan mhìltean luchd-turais a' tadhal air eileanan na h-Alba gach bliadhna. Air an t-samhradh seo, tha fiù companaidh seòlaidh a' tabhann turais gus na h-eileanan fhaicinn bhon a' mhuir, gun cas a chur air tìr. Dimà irt a chaidh, bha sinn a' faighneachd do dh'aoighean, dè na h-eileanan fàs air am bu toigh leotha tadhal agus carson? An-diugh, tha sinn a' cur a cheist sin air triùir eile.
Carson a tha prìs kebabs a' dèanamh dragh do dhaoine anns a' Ghearmailt? 'S dè mar a tha prìsean bìdh ann an dùthchannan eile an taca ri Breatann? Tha Cathy ann an còmhradh ri triùir a tha a' fuireach thall thairis.
'S tha Aonghas Pà draig Caimbeul air a bhith a' rùileach tro thasglann nam pà ipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain s' ann an eachdraidh. An-diugh tha e a' toirt sùil air a' chiad iris riamh dhen Daily Record, a-nochd air an t-seachdain seo ann an 1895.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 14 May 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 14 May 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal