Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, topical talking points, culture and lifestyle with Cathy MacDonald .

Dè ghabhas a dhèanamh le seann taigh eachdraidheil Viewhill ann an Inbhir Nis? B'e an innleadair, Iòsaph Mitchell a thog Viewhill ann a 1835. Bha an togalach ga chleachdadh mar ostail òigridh uaireigin ach chaidh e na smàl bho chionn seachd bliadhna deug. Tha an taigh air a bhith na laighe falamh 's ann an droch staid bhon uair sin. Tha an t-ailtire glèidhteachais, Calum MacIllEathain ag innse do Chathy mu dheidhinn agus a' toirt a bheachd air dè ghabhadh a dhèanamh leis.

Tha an neach-naidheachd Annabel NicIllinnein air ùr-thilleadh à Armenia, an cois a phrògram Eòrpa. Tha i a' toirt dealbh air cò ris a tha an dùthaich coltach.

'S i Oighrig NicFhearghais, cèiliche na seachdain. Rugadh Oighrig ann am Bràgar, air taobh siar Leòdhais ach tha i an-diugh a' tàmh anns a' Mhanachainn. Rinn i teagasg bun-sgoil aig colaiste Chnoc Iòrdain agus i na tidsear ann an diofar àiteachean às dèidh sin. Chuir i seachad dà shamhradh ann a Kyrgyzstan an dèidh dhi a dreuchd a' leigeil dhith ach tha i an-diugh, air a dòigh a' cur seachad a h-ùine a' leughadh 's ag obair anns a' ghàrradh.

57 minutes

Last on

Wed 15 May 2024 22:25

Broadcasts

  • Wed 15 May 2024 09:00
  • Wed 15 May 2024 22:25