
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha Shona NicIllFhialain agus Angela NicFhionghuin air ais còmhla rinn an-diugh agus iad am measg eunlaith Uibhist air an t-seachdain seo. 'S ann feasgar a thadhal iad air tèarmann-nà dar Loch Loch Druideabaig ann an Uibhist a Deas agus saoil a bheil na h-eòin trang a' ceilearadh feasgar?
Chaochail an sgrìobhaiche Canèidianach, Alice Munro an t-seachdain seo chaidh aig aois 92. Choisinn i deugachadh dhuaisean thar nam bliadhnaichean, nam measg Duais Nobel ann an 2013. B' e sgeulachdan goirid bu mhotha a bha i a' sgrìobhadh. Bha an sgrìobhaiche Dòmhnall S Moireach fìor mheasail air a h-obair agus tha e a' toirt sùil air a beatha.
'S tha Aonghas Pà draig Caimbeul air a bhith a' rùileach tro thasglann nam pà ipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain seo ann an eachdraidh. An-diugh am pà ipear Sgitheanach, The Clarion of Skye, a bha dol eadar 1951 agus 1957.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 21 May 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 21 May 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal