
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha dachaigh agus an t-à ite far an deach Elvis Presley amhlaigeadh gu bhith air a reic aig rùp air an t-seachdain seo ged a tha ogha, Riley Keough, a' feuchainn ri stad a chur air. Tha Cathy a' bruidhinn ri dithis a th' air a bhith aig Graceland, fear dhiubh, dà thuras.
Tha Angela NicFhionghuin ag innse dhuinn mu chèilidh a bhios a' tachairt gach Diciadain ann an cidsin aig Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas.
'S e Iain MacIlleChiar, Cèiliche na Seachdain. 'S ann à Ceann Loch Raineach a tha Iain 's cha robh Gà idhlig idir aige na òige. Tha ùidh mhòr air a bhith aige fad a bheatha ann an eachdraidh na h-Alba. Bha e an sàs ann an teagasg, ann an diofar obraichean tro na bliadhnaichean agus tha e an-diugh a' tà mh goirid dhan A' Mhanachainn. Tha e a' còrdadh ris a bhith a' gà irnealachd agus a' dèanamh yòga!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 22 May 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 May 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal