Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Maureen NicLeòid

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Maureen NicLeòid. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Maureen MacLeod.

Dh’innis a' chompanaidh John Lewis bho chionn ghoirid gu bheil iad an dùil ceistean a thoirt do dhaoine a tha a' cur a-steach airson obraichean ro-làimhe. Ach saoil an e rud math neo dona a tha seo? Tha dithis còmhla ri Maureen aig a bheil eòlas ann a bhith a' ceasnachadh feadhainn a tha dol a-steach airson dreuchd: Ruairidh MacLeòid bhon a' chompanaidh innleadaireachd MacLeod Jordan, agus Aonghas MacAonghais, stiùiriche aig a' chompanaidh Taylor & Fraser.

'S iomadh cluicheadair tennis a rinn trod is èigheachd nuair a chaidh rudeigin ceàrr dhaibh sa ghèam. Ach a bheil sinn ga leigeil às le cus? Tha dithis a tha gu math dèidheil air a' spòrs a' beachdachadh air a' chùis dhuinn.

Agus le ball-coise air aire gu leòr an t-seachdain sa agus sgioba Alba air a' Ghearmailt a ruighinn airson farpais Euro 2024, 's e dithis le eòlas agus sgeulachdan gu leòr mu bhall-coise a tha a-staigh air chèilidh aig Maureen - Donnchadh MacLeòid agus Seonaidh Dòmhnallach bho na Lochan.

57 minutes

Last on

Wed 12 Jun 2024 22:25

Broadcasts

  • Wed 12 Jun 2024 09:00
  • Wed 12 Jun 2024 22:25