Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Maureen NicLeòid

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Maureen NicLeòid. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Maureen MacLeod.

An cuala sibh an ainm Daniel Křetínský a-riamh? Le dùil gun ceannaich e Am Post Rìoghail, tha Maureen NicLeòid a' cluinntinn an tuilleadh mu dheidhinn an fhir-gnothachais Czechach sa, aig a bheil làmh ann an rudan cho eadar-dhealaichte ri gual, ball-coise, agus Sainsbury's. Stiùiridh Coinneach MacMhathain sinn tro eachdraidh-beatha Křetínský.

Sprechen sie deutsch? Le na mìltean mòra de luchd-leantainn na h-Alba air an slighe dhan Ghearmailt an t-seachdain sa airson taic a chuir ri ar sgioba nàiseanta, bidh facal Gearmailteach a-siud is a-seo a dhìth. Tha Crìsdean Stroemsdoerfer fileanta ann an Gearmailtis, agus tha e a' toirt leasan sa chànan do chòignear luchd-leantainn agus Maureen fhèin: Calum MacIllFhinnein, Luke MacAoidh, Harry MacNeacail, Gillies O' Hanlon, agus Daniel Moran. Saoil ciamar a thèid dhaibh?

Ach air falbh bhon Ghearmailt, 's e an t-uisge agus am fuachd a th' air aire mhòran ann an Alba an-dràsta - le sìde gu math nas fhuaire na bhiodh sinn dùil is an dòchas a bhiodh againn mun àm seo bhliadhna. O chionn dà cheud bliadhna chruthaich Teàrlach Rennie Mac an Tòisich a sheacaid ainmeil a tha cho math san uisge, agus tha Iain MacAonghais ag innse sgeulachd Mhic an Tòisich agus a sheacaidean dhuinn.

Agus gheibh sinn cuideachd mìneachadh air carson dìreach a tha an aimsir air thionndadh cho fuar, le Ailig Dòmhnallach a' toirt a bheachd seachad cuideachd, air cuin a thilleas beagan blàths!

57 minutes

Last on

Tue 11 Jun 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 11 Jun 2024 09:00
  • Tue 11 Jun 2024 22:25