
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan, le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.
Chan ann am Breatainn a-mhà in a tha daoine a' bruidhinn air taghaidhean. Ghabh a' Fhraing agus a' Roinn Eòrpa gu lèir iongnadh le mar a bhuannaich a' là imh chlì taghadh coitcheann na dùthcha; ach cò e Jean-Luc Mélenchon, fear de cheannardan na là imhe clì? Tha Patsi NicChoinnich a' toirt beagan fiosrachaidh seachad air fear air a bheil cuid a' toirt 'Jeremy Corbyn na Frainge'.
Cha bheag na tha air an telebhisean an-drà sta à Wimbledon. Ach cò na sà r-chluicheadairean anns na 70an is na h-80an a dh'atharraich an gèam, is a thug buaidh air mar a tha teanas ga chluich sa latha an-diugh? Tha Cathy Fhriseal agus Iseabail NicAonghais a' bruidhinn ri Cathy Bhà n air a' chuspair.
Tha cuspair nam Maoin Maith Choitchinn air èirigh sna seachdainean mu dheireadh, le comhairlean air feadh na h-Alba a' là imhseachadh a leithid airson maith nan coimhearsnachdan. Tha deichean maoinean dhen leithid aig Comhairle na Gà idhealtachd, agus tha an Comhairliche Ailig Greumach a' mìneachadh dè dìreach a th' unnta agus na buannachdan a tha nan cois.
Agus le luchd-poilitigs is luchd-naidheachd a' cagnadh air cho mòr is a bha call nan Tòraidhean anns an taghadh, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil dhuinn air an taghadh a bu mhiosa dha na Tòraidhean ron taghadh seo fhèin: taghadh coitcheann 1906. Taghadh nach eil eucoltach ris a' latha an-diugh ann an cuid a dhòighean: call eagalach don phà rtaidh riaghlaidh, agus pà rtaidhean radaigeach a' briseadh a-steach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 9 Jul 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 9 Jul 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal