
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Le ceistean a' cuairteachadh dreuchd agus slà inte a' Chinn-suidhe Biden, dè cho duilich is a bhiodh e dha luchd-poilitigs Ameireaga tagraiche neo ceann-suidhe ùr a chur na à ite? Tha Mìcheal MacAoidh gar stiùireadh tro na riaghailtean agus na comasan a th' aig a' Phà rtaidh Deamocratach agus riaghaltas nan Stà itean.
Ged nach eil an t-sìde air a bhith buileach fà bharach thuige seo, tha daoine air feadh na dùthcha air a bhith a' dèanamh an dìcheall sna liosan agus sna gà rraidhean aca. Ach dè na flùraichean is na sìtheanan as fheà rr le daoine, agus as fheà rr a tha a' fàs am-bliadhna? Sin a' cheist a tha Cathy a' cur air grunnan a tha dèidheil air obair nan lios.
Agus aig à m nuair a tha na colaistean air dùnadh is na h-oileanaich a' gabhail ùine bho na clasaichean aca as t-samhradh, 's i an Dr Marsaili NicLeòid, Iar-Phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, cèiliche na seachdain.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 10 Jul 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Jul 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal