Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy NicDhòmhnaill.

A' comharrachadh ceud bliadhna an-diugh fhèin bho bhuannaich Eric Liddle rèis 400m aig farpaisean Oilimpigeach Paris, tha aire ga tharraing ri mar a dhiùlt e rèiseadh air an t-Sàbaid ann am farpais 100m, sgeulachd a chaidh a chur air beulaibh a mhòr-shluaigh san fhiolm Chariots of Fire. Bha uair ann nuair a bha a' glèidheadh an t-Sàbaid air leth cudromach ann an coitheanalan air feadh na rìoghachd, ach ciamar a tha sin air atharrachadh? Tha Cathy a' faighinn facal air triùir Chrìosdaidhean lem beachdan fhèin air a' chuspair: an t-Urr Dòmhnall Mìcheil MacAonghais, Oighrig NicFhearghais agus Catrìona Mhoireach.

Às dèidh an taghadh choitcheann, chaidh riaghaltas ùr a chruthachadh ann am Pàrlamaid Westminster, Riaghaltas Làbarach leis a' Phrìomhaire Kier Starmer aig an stiùir agus am BP Angela Rayner,na leas-phrìomhaire na dùthcha. Bheir Mìchael MacNèill dhuinn eachdraidh beatha Angela Rayner a th' air a bhith na Ball-pàrlamaid airson sgìre Ashton-under-Lyne bho 2015.

Agus le daoine a' gabhail uabhas le cho luath 's a tha Prìomhaire ùr a' gluasad a-steach gu 10 Sràid Downing, oir tha am mòr-shluagh ag aideachadh gur e aon dè na rudan as sàraichte a nì iad nam beatha. Gheibh sinn còmhairle bho thriùir air an dòigh as fhasa gluasad gu dachaigh ùr agus na dùbhlain as motha a tha na luib.

Agus gheibh sinn blàs air dè a tha gu bhith a' dol aig Cèolas am-bliadhna.

57 minutes

Last on

Thu 11 Jul 2024 22:25

Broadcasts

  • Thu 11 Jul 2024 09:00
  • Thu 11 Jul 2024 22:25