Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.

O chionn 160 bliadhna air a' latha seo fhèin, chaidh ceum eile a ghabhail a dh' ionnsaigh clàr nan eileamaidean a stèidheachadh ann an saidheans. Chuir fear Iain Newlands na h-eileamaidean ann an òrdugh a-rèir an cuideam atomaigeach; ach cò bh' ann dheth fhèin? Agus carson a bha aige ri strì fad bhliadhnaichean às dèidh sin airson aithne fhaighinn dha chuid obrach?

Tha an creag-eòlaiche, Ùisdean MacNeacail a' toirt beachd air na h-eileanan Garbh Eileacha, 's na creagan mu chuairt, an dèidh an naidheachd gur h-iad am fianais as fheàrr a th' againn air buaidh linn an deighe o chionn 700 millean bliadhna. Na chois, tha Seonaidh MacChoinnich a bhuineas dhan sgìre, aig a bheil a chuimhne fhèin air daoine a bhiodh a' tadhal is a' fuireach air na h-eileanan seo.

Tha Angela NicFhionghuin air chuairt an Uibhist a Deas aig làraich seann bhailtean fàs, sgire Tobha Mòr agus na Meadhanan.

57 minutes

Last on

Tue 20 Aug 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 20 Aug 2024 09:00
  • Tue 20 Aug 2024 22:25