
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.
Tha à ireamhan ùr a' sealltainn gu bheil an t-uabhas dhaoine fhathast a' call am beatha sa rìoghachd ri linn dhrugaichean. Tha an neach-naidheachd Mìcheal MacNèill a' mìneachadh na h-à ireamhan ùra do Chathy.
Tha barrachd dhaoine a' taghadh a bhith coimhead fo-thiotalan, fhads a tha 'd a' coimhead prògraman telebhisein agus filmichean. Tha Netflix a' dèanamh a-mach gu bheil fo-thiotalan gan cleachdadh fad na h-ùine ann an 40% de dhachaighean. Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir mu ciamar a tha iadsan a' faireachdainn mun deidhinn agus ciamar a tha iad gan cleachadh.
Bha Sgalpaigh uaireigin air ghoil mar phort-iasgaich, 's tha taisbeanadh mun eachdraidh sin an-drà sta ri fhaicinn air an eilean. Chaidh Angela NicFhionghuin ga fhaicinn ann an cuideachd seachdnar de mhuinntir Sgalpaigh a bha ag iasgach iad fhèin.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 21 Aug 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Aug 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal